William Henry Perkin
| William Henry Perkin | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Lunnainn, 12 dhen Mhàrt 1838 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Sgìre Harrow Lunnainn, 14 dhen Iuchar 1907 |
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe) |
| Teaghlach | |
| Clann |
liosta
|
| Foghlam | |
| Foghlam |
Royal College of Chemistry (en) |
| Stiùiriche an teusais |
Johannes Wislicenus (mul) |
| Cànain | Gearmailtis |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | ceimigear, innleachdair agus neach-gnìomhachais |
| Fastaichean | Colaiste Impireil Lunnainn |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| Buaidh |
August Wilhelm von Hofmann (mul) |
| Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan |
|
| |
B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an William Henry Perkin.
Bha e ainmeil airson a' chiad dhath fuadain, mauveine.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Nuair a bha e 15 bliadhna a dh'aois chaidh e don Colaiste Rìoghail na Cheimigeachd (nise na phàirt de Cholaiste Impireil Lunnainn) is dh'ionnsaich e ceimigeachd fo August Wilhelm von Hofmann. Rinn e an taisgealadh mauveine aige nuair nach robh e 18 bliadhna a dh'aois agus nuair an do dh'fheuch e ri cairt-gheal (quinine) a dhèanamh. Aig an t-àm seo bha gach gath nàdarra is daor.
Lean e dreuchd san gnìomhachas datha.
Bha e pòsta dà thuras, aig Jemima Harriet Lissett agus Alexandrine Caroline Mollwo. Fhuair e ceithir nigheannan agus trì mic, William Henry Perkin, Jr., Arthur George Perkin agus Frederick Mollwo Perkin. Bha gach mac na cheimigear.
Ann an 1907 sgoilt aipeandaig agus fhuair e am fiabhras-clèibhe agus chaochail e.
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1883 agus 1885.[1] Bhuannaich e am Bonn-Chuimhne Davy ann an 1889. Chaidh e na ridire ann an 1906.[2] Dh'ainmicheadh Bonn-Chuimhne Perkin a' Chomainn Gnìomachais Ceimigeach air.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Moore, Tom Sidney ⁊ Philip, James Charles (1941): The Chemical Society 1841-1941: a Historical Review. Lunnainn: Comann Ceimigeach.
- ↑ (1912): “Perkin, William Henry”, Dictionary of National Biography, 1912 supplement. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2016.