Sankt Peterburg
| Санкт-Петербург Sankt Peterburg
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | Severo-Zapadny Federalny Okrug | ||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 59° 59’ Tuath 30° 19′ Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 590.43 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 4,661,219 (2002) | ||||
| Dlùths | 7,894.62/km² | ||||
| Àireamh fòn | 812 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://gov.spb.ru/ | ||||
‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Ruise a th’ ann an Naomh Peadarborgh[1] neo Sankt-Peterburg (Санкт-Петербург) (IPA: sankt pʲɪtʲɪr’burk, Beurla: Saint Petersburg, Gàidhlig na h-Èireann: Cathair Pheadair, Fionnais: Pietari). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1703 leis an Rìgh Peadar Mòr mar phrìomh-bhaile ùr airson na dùthcha a leasachadh is leis gu robh e na b' fhaisge air an Roinn-Eòrpa na Mosgo. Tha e suidhichte ri taobh Abhainn Neva, ann an Roinn (Ruisis: Okrug) Iar-Thuath na Ruise, 633km air falbh bho Mhosgo (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 18km bho Kronshtadt agus bhon Mhuir Bhaltach (Camas Shuòmaidh) air an taobh thall Bhàigh Nevskaya Guba.[2] Tha 4,661,219 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an darna baile as motha san dùthaitch.[3]
Bha ainm a' bhaile gu math connspaideach fad an 20mh linn. Thug Peadar Mòr ainm le coltas Gearmailteach air a' bhaile ùr aige is e ag iarraidh prìomh-bhaile na b' Eòrpaiche agus na b' adhartaiche. Ach b' fheudar dhan Tsàr an t-ainm atharrachadh gu Petrograd aig àm a' chiad cogaidh ann an 1914. Chaidh an t-ainm air atharrachadh a-rithist gu Leningrad mar chuimhne air Vladimir Lenin nuair a bha na Comannaich os cionn riaghaltas na dùthcha ann an 1924. Chaidh an t-ainm tùsail a thoirt air ais ann an 1991 nuair a bhrist an t-Aonadh Sobhiat a-mach a chèile.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Leonid Kantorovich (1912 – 1986)
- Joseph Brodsky (1940 – 1996): Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1987.
- Dmitry Medvedev (1965 -): Ceann-suidhe na Ruise.
Ann an leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]
Adana, an Tuirc
Almaty, Casachstàn
Antwerpen, a' Bheilg
Astana, Casachstàn
Cape Town, Afraga a Deas
Gdańsk, a' Phòlainn[4]
Graz, an Ostair[5]
Hamburg, a' Ghearmailt
Kharkiv, an Ucràin
Khartoum, Sudàn
Kraków, a' Phòlainn[6]
Los Angeles (Calafòrnia)[7]
Ocala, Florida, na Stàitean Aonaichte[7]
Oslo, Nirribhidh
Rotterdam, na Tìrean Ìsle[8]
Naomh Peadarborgh, Florida, na Stàitean Aonaichte[7]
Turku, an Suòmaidh
Vilnius, an Liotuain
Warszawa, a' Phòlainn[9]